WeBible
Scots Gaelic (Gospel of Mark)
Select Version
Cherokee New Testament (1860) with Sequoyah transliterated forms
Sahidic NT
Czech BKR
1757 Church Slavonic Elizabeth Bible
Danish
Danish New Testament from 1819 with original orthography
Danish OT1871 + NT1907 with original orthography
Elberfelder (1871)
Elberfelder (1905)
Luther (1545)
Greek Modern
American Standard Version
Basic English Bible
Douay Rheims
William Tyndale Bible (1525/1530)
Webster's Bible
World English Bible
Weymouth NT
Young's Literal Translation
Esperanto
Reina Valera NT (1858)
Sagradas Escrituras (1569)
(Navarro Labourdin) NT
Finnish Bible (1776)
Pyha Raamattu (1933 1938)
Darby
Martin (1744)
Scots Gaelic (Gospel of Mark)
Gothic (Nehemiah NT Portions)
NT Tischendorf 8th Ed
Manx Gaelic (Esther Jonah 4 Gospels)
Aleppo Codex
OT Westminster Leningrad Codex
Croatian
Hungarian Karoli
Eastern (Genesis Exodus Gospels)
Western NT
Giovanni Diodati Bible (1649)
Riveduta Bible (1927)
明治元訳「舊約聖書」(1953年版) 大正改訳「新約聖書
Japanese Denmo 電網聖書
Japanese Kougo-yaku 口語訳「聖書」(1954/1955年版)
Japanese Raguet-yaku ラゲ訳「我主イエズスキリストの新約聖書」(1910年版)
Korean
Vulgata Clementina
Baiboly Malagasy (1865)
Sathyavedapusthakam (Malayalam Bible) published in 1910
Judson (1835)
Det Norsk Bibelselskap (1930)
Petrus Canisius Translation
Dutch Staten Vertaling
De ganse Heilige Schrift bevattende al de kanonieke boeken van het Oude en Nieuwe Testament, met de apocriefe (deuterocanonieke) boeken
Studentmållagsbibelen frå 1921
Polish Biblia Gdanska (1881)
Old Public Domain Pohnpeian Bible
Potawatomi (Matthew Acts) (Lykins 1844)
El Evangelio segun S. Lucas, traducido al Romaní, ó dialecto de los Gitanos de España
Synodal Translation (1876)
Albanian Bible
Serbian Bible Daničić-Karadžić Ekavski
Serbian Bible Daničić-Karadžić Ijekavski
Swedish (1917)
Svenska Karl XII:s Bibel (1703)
Svenska Karl XII:s Bibel (1873)
Swahili
Peshitta NT
Ang Dating Biblia (1905)
Klingon Language Version of the World English Bible
NT (P Kulish 1871)
Українська Біблія. Переклад Івана Огієнка.
Vietnamese (1934)
聖經 (文理和合)
Union Simplified
Union Traditional
Widget
Switch to light / dark version
gaelic
Mark 5
12 - Agus ghuidh na spioraid air, ag radh: Cuir thun nam muc sinn, los gun teid sinn a stigh unnta,
Select
1 - Agus thainig iad thairis air a chaolas mhara gu duthaich nan Geresach.
2 - 'Sa dol a mach as an eathar, ghrad-choinnich fear e a tighinn a mach as na h-uaighean anns an robh spiorad neoghlan,
3 - Aig an robh a chomhnaidh anns na h-uaighean, 's cha b' urrainn do dhuine sam bith a cheangal a nis, eadhon le slabhruidhean:
4 - Oir ged chaidh a cheangal gu tric le cuibhrichean, 's le slabhruidhean, bhrist e na slabhruidhean, 's bhruan e na cuibhrichean, agus cha burrainn do dhuine sam bith a cheannsachadh.
5 - Is bha e daonnan a latha sa dh' oidhche anns na h-uaighean agus anns na beanntan, ag eigheach, 's ga bhruthadh fhein le clachan.
6 - 'Sa faicinn Iosa fad as, ruith e, 's thug e aoradh dha;
7 - 'S ag eigheach le guth ard, thuirt e: Ciod mo ghnothach-sa riut, Iosa Mhic an De is airde? guidheam ort as leth Dhe, nach pian thu mi.
8 - Oir thuirt e ris: Gabh a mach as an duine, a spioraid neoghlain.
9 - Agus dh' fhaighnich e dheth: De t-ainm tha ort? Is thuirt e ris: Se Legion m' ainm, oir is moran sinn.
10 - Is ghrios e gu cruaidh air, nach fogradh e mach as an duthaich e.
11 - Agus bha an sin mun bheinn treud mhor mhuc ag ionaltradh.
12 - Agus ghuidh na spioraid air, ag radh: Cuir thun nam muc sinn, los gun teid sinn a stigh unnta,
13 - Agus thug Iosa cead dhaibh san uair. Thainig na spioraid neoghlan a mach agus chaidh iad a stigh dha na mucan; is chaidh an treud, a bha mu dha mhile, 'nan deann-ruith an comhair an cinn dhan mhuir, agus bhathadh sa mhuir iad.
14 - Agus theich an fheadhainn a bha gam biadhadh, is dh' innis iad e sa bhaile, is feadh na duthcha. Agus chaidh iad a mach a dh' fhaicinn ciod a thachair
15 - Is thainig iad gu Iosa, agus chunnaic iad esan, a bha air a sharachadh leis an deomhan, 'na shuidhe agus aodach uime, agus 'na lan chiall; is ghabh iad eagal.
16 - Agus dh' innis iadsan, a chunnaic e, dhaibh mar a rinneadh airesan anns an robh an deomhan, agus mu dheidhinn nam muc.
17 - Agus thoisich iad ri guidhe air, falbh as an criochan.
18 - 'S nuair a bha e a dol a stigh dhan bhata, thoisich am fear, a bha air a phianadh leis an deomhan, ri guidh' air a leigeil comhla ris:
19 - Ach cha do leig e leis, 's ann a thuirt e ris: Falbh dhachaigh gud chairdean, is innis na rinn an Tighearna dhut, 's mar a ghabh e truas riut.
20 - Is dh' fhalbh e, agus thoisich e ri innse ann an Decapolis na rinn Iosa dha; agus ghabh iad uile ioghnadh.
21 - 'S nuair a thill Iosa a rithist chon an taobh eile sa bhata, chrunnaich moran sluaigh ga ionnsuidh, agus bha e teann air a mhuir.
22 - Agus thainig fear de dh' uachdrain an t-sinagoig, dham b' ainm Iairus; 's ga fhaicinn, thuit e sios aig a chasan,
23 - Agus ghuidh' e gu cruaidh air, ag radh: Tha mo nighean ri uchd bais, thig, cuir do lamh oirre, los gun leighisear i, 's gum bi i beo.
24 - Is dh' fhalbh e comhla ris, agus lean cuideachda mhor e, is bha iad a domhlachadh mun cuairt air.
25 - Agus boirionnach, air an robh siubhal-fala fad da bhliadhna dhiag,
26 - 'S a dh' fhuilig moran bho iomadh lighich, 'sa chosg a cuid uile, 's nach deach dad am feobhas, ach an aite sin a dh'fhas nas miosa.
27 - A cluinntinn mu Iosa, thainig i, am measg an t-sluaigh, air a chulaobh, agus bhean i dha eideadh;
28 - Oir thuirt i: Ged nach dian mi ach beantuinn dha aodach, bithidh mi slan.
29 - Is thiormaich san uair a siubhal-fala, agus dh' fhairich i air a coluinn gun robh a h- eucail air a leigheis.
30 - Agus dh' aithnich Iosa sa cheart uair ann fhein, gun deach feartan a mach bhuaithe, agus thionndaidh e ris an t-sluagh, is thuirt e: Co bhean dham eideadh?
31 - Is thuirt a dheisciopuil ris: Tha thu faicinn domhlachd an t-sluaigh 's an abair thu: Co bhean dhomh?
32 - Agus sheall e mun cuairt a dh' fhaicinn na te a rinn so.
33 - Ach am biorionnach a tuigsinn na rinneadh innte, thainig i fo fhiamh 's air chrith, agus thuit i sios air a bhialaobh, is dh' innis i dha an fhirinn gu leir.
34 - Is thuirt esan rithe: A nighean, rinn do chreideamh slan thu: falbh ann an sith, is bi air do leigheas bho d' eucail.
35 - Nuair a bha e fhathast a labhairt, thainig feadhainn bho riaghladair an t-sinagoig, ag radh: Chaochail do nighean: carson a tha thu cur tuilleadh dragh air a mhaighistir?
36 - Nuair a chuala Iosa an comhradh a bh'aca, thuirt e ri riaghladair an t-sinagoig: Na gabh eagal: ach a mhain creid.
37 - 'S cha do leig e le duine sam bith a leantuinn, ach Peadar, agus Seumas, agus Eoin, brathair Sheumais.
38 - Is rainig iad tigh riaghladair an t-sinagoig, agus chuinnaic e an iomairt, is sluagh a gal, 'sa caoidh gu goirt.
39 - 'Sa dol a stigh, thuirt e riutha: Carson tha sibh fo bhruaillean, sa gal? chan eil an nighean marbh, ach na cadal.
40 - Is rinn iad gaire fanaid air. Ach chuir esan a mach iad uile, agus thug e leis athair is mathair na h-ighinn, is iadsan a bha comhla ris, agus chaidh e a stigh far an robh an nighean 'na laidhe.
41 - 'Sa breith air laimh na h-ighinn, thuirt e rithe: Talitha cum, se sin air eadar-theangachadh : A nighean (tha mu ag radh riut), eirich.
42 - Is dh' eirich an nighean san uair, is choisich i, oir bha i da bhliadhna dhiag a dh' aois. Agus b' anabarrach an t-iognadh a ghabh iad.
43 - Is sparr e gu cruaidh orra, gun neach sam bith fios fhaighinn air an so; agus dh' iarr e orra rudeigin a thoirt dhi ri itheadh.
Mark 5:12
12 / 43
Agus ghuidh na spioraid air, ag radh: Cuir thun nam muc sinn, los gun teid sinn a stigh unnta,
Copy Link
Make Widget
Webible
Freely accessible Bible
48 Languages, 74 Versions, 3963 Books
Widget