WeBible
Scots Gaelic (Gospel of Mark)
Select Version
Cherokee New Testament (1860) with Sequoyah transliterated forms
Sahidic NT
Czech BKR
1757 Church Slavonic Elizabeth Bible
Danish
Danish New Testament from 1819 with original orthography
Danish OT1871 + NT1907 with original orthography
Elberfelder (1871)
Elberfelder (1905)
Luther (1545)
Greek Modern
American Standard Version
Basic English Bible
Douay Rheims
William Tyndale Bible (1525/1530)
Webster's Bible
World English Bible
Weymouth NT
Young's Literal Translation
Esperanto
Reina Valera NT (1858)
Sagradas Escrituras (1569)
(Navarro Labourdin) NT
Finnish Bible (1776)
Pyha Raamattu (1933 1938)
Darby
Martin (1744)
Scots Gaelic (Gospel of Mark)
Gothic (Nehemiah NT Portions)
NT Tischendorf 8th Ed
Manx Gaelic (Esther Jonah 4 Gospels)
Aleppo Codex
OT Westminster Leningrad Codex
Croatian
Hungarian Karoli
Eastern (Genesis Exodus Gospels)
Western NT
Giovanni Diodati Bible (1649)
Riveduta Bible (1927)
明治元訳「舊約聖書」(1953年版) 大正改訳「新約聖書
Japanese Denmo 電網聖書
Japanese Kougo-yaku 口語訳「聖書」(1954/1955年版)
Japanese Raguet-yaku ラゲ訳「我主イエズスキリストの新約聖書」(1910年版)
Korean
Vulgata Clementina
Baiboly Malagasy (1865)
Sathyavedapusthakam (Malayalam Bible) published in 1910
Judson (1835)
Det Norsk Bibelselskap (1930)
Petrus Canisius Translation
Dutch Staten Vertaling
De ganse Heilige Schrift bevattende al de kanonieke boeken van het Oude en Nieuwe Testament, met de apocriefe (deuterocanonieke) boeken
Studentmållagsbibelen frå 1921
Polish Biblia Gdanska (1881)
Old Public Domain Pohnpeian Bible
Potawatomi (Matthew Acts) (Lykins 1844)
El Evangelio segun S. Lucas, traducido al Romaní, ó dialecto de los Gitanos de España
Synodal Translation (1876)
Albanian Bible
Serbian Bible Daničić-Karadžić Ekavski
Serbian Bible Daničić-Karadžić Ijekavski
Swedish (1917)
Svenska Karl XII:s Bibel (1703)
Svenska Karl XII:s Bibel (1873)
Swahili
Peshitta NT
Ang Dating Biblia (1905)
Klingon Language Version of the World English Bible
NT (P Kulish 1871)
Українська Біблія. Переклад Івана Огієнка.
Vietnamese (1934)
聖經 (文理和合)
Union Simplified
Union Traditional
Widget
Switch to light / dark version
gaelic
Mark 7
2 - Agus nuair a chunnaic iad cuid dhe dheisciopuil ag ithe arain le lamhan cumanta, se sin, gun an nighe, fhuair iad coire dhaibh.
Select
1 - Agus thainig na Phairisich ga ionnsuidh, is cuid dhe na Sgriobhaich bho Ierusalem.
2 - Agus nuair a chunnaic iad cuid dhe dheisciopuil ag ithe arain le lamhan cumanta, se sin, gun an nighe, fhuair iad coire dhaibh.
3 - Oir chan ith na Phairisich, agus na h-Iudhaich uile biadh, mur nigh iad an lamhan gu tric, a leantuinn beul-aithris nan seanairean.
4 - Agus ma thig iad bhon mhargadh, chan ith iad gun ionnlad; 's tha iomadh ni eile ann, a tha air an orduchadh dhaibh a chumail, mar tha nighe chupaichean, is phoitean, is shoitheachan praise.
5 - Agus dh' fharraid na Phairisich 's na Sgriobhaich dheth: Carson nach eil do dheisciopuil a leantuinn beul-aithris nan seanairean, ach ag ithe arain le lamhan gun nighe?
6 - Ach esan a freagairt, thuirt e riutha: Is math a dh' fhaisnich Isaias mur deidhinn, a chealgairean, mar tha e sgriobhte: Tha 'm pobull so toirt urraim dhomhsa lem bilean: ach tha an cridhe fada bhuam.
7 - Agus is faoin dhaibh a bhith toirt aoraidh dhomhsa,'s iad a teasgasg puingean is orduighean dhaoine.
8 - Oir a fagail fainte Dhe, tha sibh a cumail beul-aithris dhaoine, mar tha nighe phoitean, is chupaichean; agus moran nithean eile den leithidean sin tha sibh a dianamh.
9 - Is thuirt e riutha: Is math tha sibh a cur fainte Dhe air chul, gus ur beul-aithris fhein a chumail.
10 - Oir thuirt Maois: Thoir onair dhad athair is dhad mhathair; agus: Am fear a mhollaicheas athair no mhathair, a basachadh basaicheadh e.
11 - Ach tha sibhse ag radh: Ma their duine ri 'athair no ri mhathair corban sam bith (Se sin tobhartas) bhuamsa, thig e gu buannachd dhutsa
12 - Agus thar sin cha leig sibh leis dad a dhianamh dha athair, no dha mhathair,
13 - Mar sin, a cur facal Dhe air chul le ur bial-aithris fhein, a tha sibh a cumail a dol, agus tha sibh a dianamh iomadh ni eile coltach riutha sin.
14 - 'Sa gairm a rithist an t-sluaigh ga ionnsuidh, thuirt e riutha: Eisdibh rium uile, agus tuigibh.
15 - Chan eil ni a dol a staigh ann an duine bhon taobh a mach, a 's urrainn a thruailleadh: ach 'siad na nithean a tha tighinn a mach a duine, a tha truailleadh an duine.
16 - Ma tha cluasan aig neach sam bith gu cluinntinn, cluinneadh e.
17 - Agus nuair a chaidh e stigh don tigh bhon t-sluagh, dh' fharraid a dheisciopuil dheth mun dubhfhacal.
18 - Is thuirt e riutha: A bheil sibhse mar sin gun tuigse? Nach eil sibh a tuigsinn, nach eil ni sam bith a dol a stigh ann an duine bhon taobh a mach, a 's urrainn a thruailleadh:
19 - A chionn 's nach eil e a dol a stigh 'na chridhe, ach a dol a stigh na bhroinn, theid e mach don dun. (Mar sin, a glanadh bhiadhan uile).
20 - Ach thuirt e, gur iad na nithean, a thig a mach as an duine a thruailleas an duine.
21 - Oir 'sann bhon taobh a stigh a cridhe dhaoine a thig droch smaointean, adhaltras, striopachas, murt,
22 - Goid, sannt, drochbheart, foill, mi-gheamnachd, droch-shuil, blaisbheum, uabhar, aimideachd.
23 - Tha na h-uilc sin uile a struthadh bhon taobh stigh, 's tha iad a truailleadh an duine.
24 - 'S ag eirigh as a sin, chaidh e gu criochan Thiruis agus Shidoin; 'sa dol a stigh do thigh, cha b' aill leis gum biodh fios aig duine sam bith air, ach cha b' urrainn dha a bhith am falach.
25 - Oir cho luath 'sa chuala boirionnach, aig an robh nighean anns an robh spiorad neoghlan, mu dheidhinn, chaidh i stigh, agus thuit i aig a chasan.
26 - Oir bu bhana-phaganach am boirionnach de chinneadh Shirophenissa. Agus ghrios i air gun cuireadh e an deomhan as a h-ighinn.
27 - Thuirt esan rithe: Leig leis a chloinn a bhith air an riarachadh an toiseachd: oir chan eil e math aran na cloinne a ghabhail, 'sa thilgeadh thun nan con.
28 - Ach fhreagair ise, is thuirt i ris: Is fior sin, a Thighearna, ach ithidh na cuileinean fon bhord de chriomagan na cloinne.
29 - Is thuirt e rithe: Air son an fhacail so bi falbh, chaidh an deomhan a mach as do nighinn.
30 - 'S nuair rainig i a tigh, fhuair i an nighean 'na laidhe air an leabaidh, 's an deomhan air a dhol a mach aisde.
31 - 'Sa triall a rithist a criochan Thiruis, thainig e tromh Shidon gu muir Ghalile tromh mhiadhon criochan Dhecapolis.
32 - Agus thug iad ga ionnsuidh duine bodhar is balbh, agus ghuidh iad air, gun cuireadh e a lamh air.
33 - Is ga thoirt a lethtaobh a mach as an t-sluagh, chuir e mheoir 'na chluasan; 's le shile bhean e dha theangaidh;
34 - 'S ag amharc suas gu neamh, thug e osnadh, is thuirt e: Ephpheta, se sin, bi air d' fhosgladh.
35 - Agus san uair dh' fhosgladh a chluasan, agus dh' fhuasgladh ceangal a theangaidh, is labhair e ceart.
36 - Is dhaithn e orra gun iad a dh' innse do neach sam bith. Ach mar is mua dh' aithn e orra 'sann is mua bha iadsan ga innse;
37 - Agus sann is mua ghabh iad ioghnadh, ag radh: Rinn e a h-uile ni gu math; thug e air na bodhair cluinntinn, agus air na balbhain labhairt.
Mark 7:2
2 / 37
Agus nuair a chunnaic iad cuid dhe dheisciopuil ag ithe arain le lamhan cumanta, se sin, gun an nighe, fhuair iad coire dhaibh.
Copy Link
Make Widget
Webible
Freely accessible Bible
48 Languages, 74 Versions, 3963 Books
Widget