Is thuirt e riutha: Gu deimhinn tha mi ag radh ribh, gu bheil cuid dhiu-san, a tha 'nan seasamh an so, nach blais bas, gus am faic iad rioghachd Dhe a tighinn an cumhachd.
Agus an deigh shia laithean ghabh Iosa Peadar, is Seumas, agus Eoin; is threoraich e iadsan leo fhein gu beinn aird a lethtaobh, agus dh' atharraicheadh a chruth 'nan lathair.
Agus dh' fhas eideadh dealrach is ro-gheal mar shneachda, geal mar nach urrainn fucadair air talamh a dhianamh.
Is chunnacas leo Elias agus Maois; agus bha iad a bruidhinn ri Iosa.
Agus Peadar a freagairt, thuirt e ri Iosa: A Rabbi, is math dhuinne a bhith an so; agus dianamaid tri paillionan, a h-aon dhutsa, a h-aon do Mhaois, 'sa h-aon do Elias.
Oir cha robh fios aige ciod a bha e ag radh; chionn 's gun robh iad fo fhiamh ro-mhor.
Agus bha nial a cur sgaile orra, agus as an nial thainig guth, ag radh: Se so mo Mhac ro-ghaolach; eisdibh ris.
'S ag amharc san uair mun cuairt orra, chan fhac iad duine, ach Iosa na aonar maille riutha.
'Sa tearnadh bhon bheinn, dh' aithn e orra, gun iad a dh' innse do neach sam bith nan nithean a chunnaic iad, gus an eireadh Mac an duine bho na mairbh.
Is gleidh iad am facal aca fhein, a cur cheisd air a cheile, de bha, gus an eireadh e bho na mairbh, a ciallachadh.
Agus dh'fharraid iad dheth, ag radh: Carson ma ta tha na Phairisich 's na Sgriobhaich a cantuinn, gum feum Elias tighinn an toiseachd?
Thuirt e riutha, 's e freagairt: Tha Elias ri tighinn an toiseachd, agus ath-shuidhichidh e a h-uile ni; is mar tha e sgriobhte mu Mhac an duine, gum fuilig e moran, 's gum faigh e taire.
Ach tha mi ag radh ribh, gun tainig Elias, ('s gun d' rinn iad air gach ni b' aill leo) mar tha sgriobhte mu dheidhinn.
'Sa tighinn gu dheisciopuil, chunnaic e moran sluaigh mun timcheall, 's na Sgriobhaich a deaspud riutha.
'S cha luaithe chunnaic an sluagh uile Iosa, na ghlac ioghnadh agus uamhas iad, sa ruith ga ionnsuidh chuir iad failt' air.
Agus dh' fhaighnich e dhiu: Ciod mu bheil sibh a consachadh ri cheile?
Is fhreagair fear den t-sluagh, ag radh: A mhaighistir, thug mi gad ionnsuidh mo mhac anns a bheil spiorad balbh.
Agus, ge be aite an glac e e, tha e ga bhualadh ri lar, agus tha e cur a mach cobhair, 'sa diosgail le fhiaclan, sa seargadh as: is thuirt mi rid dheisciopuil iad a thilgeadh a mach, agus cha b' urrainn dhaibh.
'Sa freagairt thuirt e: O ghinealaich ana-creidich, De cho fad sa bhitheas mi maille ribh? De cho fad sa chuireas mi suas ribh? thugaibh gam ionnsuidh e.
Agus thug iad e ga ionnsuidh. Agus cha luaithe chunnaic e Iosa, na ghluais an spiorad e; is bhuaileadh e ris an lar, agus chuir e caran dheth is cop mu bhial.
Is dh' fhaighnich e dhe athair: De cho fad bho na thachair so dha? Is thuirt esan: Bho na bha e 'na leanabh.
Agus is tric a thilg e san teine is anns an uisge e, gu cur as dha: ach ma tha ni sam bith nad chomas, gabh truas ruinn agus cuidich sinn.
Is thuirt Iosa ris: Ma 's urrainn dhut creidsinn! is comasach a h-uile ni don chreideach.
Agus athair a ghille a glaodhach san uair, thuirt e le deoir: Tha mi creidsinn, a Thighearna: cuidich m' ana-creideamh.
Is nuair a chunnaic Iosa an sluagh a ruith cuideachd, mhaoidh e air an spiorad neoghlan, a cantuinn ris: A spioraid bhodhair agus bhailbh tha mi ag aithneadh ort, theirig a mach as 's na rach a stigh ann tuilleadh.
Agus chaidh e mach as, ag eigheach, 's ga riabadh gu goirt: agus dh'fhas e coltach ri duine marbh, air chor 's gun robh moran ag radh: Tha e marbh.
Ach Iosa a breith air laimh air, thog e e, agus dh' eirich e.
'S nuair chaidh e stigh dhan tigh, dh' fharraid a dheisciopuil dheth, 's iad leo fhein: Carson nach b' urrainn dhuinn a thilgeadh a mach?
Is thuirt e riutha: Chan urrainn don t-seorsa so an tilgeadh a mach air sheol sam bith, ach le urnaigh 's le traisg.
'Sa falbh as a sin, chaidh iad troimh Ghalile; 's cha b' aill leis gum biodh fios aig duine sam bith air an so.
Oir bha e teagasg a dheisciopul, 's ag radh riutha: Gun rachadh Mac an duine liubhairt seachad do lamhan dhaoine, 's gum marbhadh iad e, 's an deigh a mharbhadh, gun eireadh e rithist air an treas latha.
Ach cha do thuig iadsan am facal; agus bha sgath orra fharraid dheth.
Is thainig iad gu Capharnaum. 'S nuair a bha iad san tigh, dh' fhaighnich e dhiu: De an deaspud a bh'agaibh air an rathad?
Ach bha iadsan samhach: oir air an rathad bha iad a consachadh eatorra fhein, co dhiu bu mhua bhiodh.
'Sa suidhe, ghairm e na dha dhiag, is thuirt e riutha: Ma tha toil aig fear sam bith a bhith air thoiseach, bithidh e air dheireadh orra uile, agus 'na sheirbhiseach dhaibh uile.
'Sa breith air leanabh, chuir e 'nam miadhon e ; 's an deigh a ghlacadh 'na uchd, thuirt e riutha:
Co sam bith ghabhas ri leanabh den leithidean so nam ainmsa, tha e gabhail riumsa; agus co sam bith ghabhas riumsa, chan ann riumsa tha e gabhail, ach ris-san a chuir mi.
Agus fhreagair Eoin e, ag radh: A Mhaighistir, chunnaic sinn duine araid, nach eile gar leantuinn-ne, a tilgeadh a mach dheomhan na d' ainmsa, agus bhac sinn e.
Agus thuirt Iosa: Na bacaibh e: oir chan eil aon sam bith, a ni miarailt nam ainmsa, a 's urrainn gu h-ealamh labhairt gu h-olc nam aghaidh:
Oir an neach nach eil nur n-aghaidh, tha e leibh.
Oir co sam bith a bheir dhuibh ri ol cupan uisge nam ainmsa, a chionn's gur le Criosda sibh: gu firinneach tha mi ag radh ribh: cha chaill e dhuais.
Agus co sam bith bheir sgainneal do h-aon den fheadhainn bheaga so, a tha creidsinn unnamsa, b' fhearr dha clach mhuilinn a bhith crochte mu amhaich, 'sa bhith air a thilgeil sa mhuir.
'S ma bheir do lamh sgainneal dhut, gearr dhiot i: is fhearr dhut a dhol a stigh gu beatha air lethlaimh, na dhol le da laimh a dh' iutharna gu teine nach smalar:
Far nach basaich a chnuimh aca, 's nach smalar an teine.
Agus ma bheir do chas sgainneal dhut, gearr dhiot i: is fhearr dhut a dhol a stigh gu beatha air lethchois, na do thilgeadh le da chois a dh' iutharna gu teine nach tig as:
Far nach basaich a chnuimh aca, 's nach smalar an teine.
Agus ma bheir do shuil sgainneal dhut, spion asad i: 's fhearr dhut a dhol a stigh do rioghachd Dhe le aon shuil, na do thilgeadh led dha shuil ann an teine iutharna:
Far nach basaich a chruimh aca, 'S nach smalar an teine.
Oir saillear gach aon le teine, is saillear gach iobairt le salann.
Tha salann math: ach ma dh' fhasas an salann neo-bhlasda, co leis a ni sibh blasda e? Biodh salann agaibh unnaibh, agus biodh sith agaibh eadaraibh fhein.